Dachaidh arrow Pàrlamaid na h-Alba arrow Òraidean arrow BBC Alba debate speech
BBC Alba debate speech
18/02/2010

 

BBC Alba Debate 10 February 2010

 

S3M-5720 Fiona Hyslop: Access to BBC Alba—That the Parliament welcomes the contribution made by BBC Alba to Scottish culture and the promotion of the Gaelic language since its launch in September 2008; believes that this contribution would be even greater if BBC Alba was available on a wider variety of broadcasting platforms, and urges the BBC Trust to decide to make BBC Alba available on Freeview following its recent consultation on this issue.

 

Oifigear Riaghlaidh,

 

Thairis air na pàrtaidhean, agus ann an Alba air fad, bha daoine a’ toirt fàilte air BBC Alba, nuair a thòisich e o chionn bliadhna gu leth.

 

A-nis, tha e inntinneach fhaicinn dè cho dìleas a tha na daoine a tha a’ coimhead air BBC Alba a’ fàs.

 

Tha clann a-nis a’ fàs cleachdte ris an smuain gu bheil e àbhaisteach cartoons a chluinntinn anns a’ Ghàidhlig.

 

Tha daoine gun fhacal Gàidhlig a’ fàs cleachdte ris an smuain gu bheil e àbhaisteach a bhith a coimhead air ball-coise anns a’ Ghàidhlig, neo air prògraman mu nàdar ann an Afraga, no ge b’ e càite.

 

Agus ma tha sinn ag iarraidh aon rud ann an saoghal na Gàidhlig, se normalisation (àbhaisteachadh) den seòrsa sin. Tha cànan sam bith gun telebhisean mì-àbhaisteach. Cha bhi ùidh sam bith aig na daoine òga ann an cànan mì-àbhaisteach, ge b’ e cho innteannach ’s a bhios i dha na h-anthropologists.

 

Trì fichead bliadhna air ais, bha cuid ann an Israel ag radh gun robh cànan nan sgriobtar ro naomh airson prògraman còcaireachd air an rèidio agus a leithid. Anns an aon seòrsa dòigh, tha sinn air rathad fada a shiubhal bho na làithean nuair a bhiodh daoine a’ sgrìobhadh a-steach dha na pàipearan, a’ gearain gun robh Gàidhlig mìorbhaileach math aig a’ Mhòd, ach nach robh i freagarrach airson prògraman còcaireachd.

 

Gus a’ phuing sin a dhearbhadh, bidh BBC Alba a bruidhinn rium fhìn an ath mhìos mu na recipes as fheàrr leamsa. Coimhead a-mach airson na fish fingers agus an cremola foam.

 

Ach seo a’ phuing. Tha BBC Alba a’ tuigsinn gu bheil e fìor chudromach gu bheil e a’ craoladh a h-uile seòrsa phrògram, agus gu bheil iad tarraingeach dhan a h-uile seòrsa neach-coimhead.

 

Ach bhiodh an obair aca tòrr na b’ fhasa nam biodh BBC Alba ri fhaicinn air Freeview.

 

Chan eil mi a’ cantainn sin dìreach air sgàth ’s nach b’ urrainn dhomhsa BBC Alba fhaicinn ann an Leòdhas airson sia mìosan (bha mi a’ feitheamh ri sky dish, agus sreath a’ feitheamh còmhla rium).

 

Chan eil mi eadhon a’ gearain dìreach air sgàth ’s nach urrainn dhomh fhathast an t-sianal fhaicinn anns a’ phàrlamaid (tha a’ phàrlamaid a’ cleachdadh cable TV, agus sin sgeul eile).

 

Nam biodh BBC Alba ri fhaicinn saor ’s an asgaidh leis na sianalan Freeview eile, bhiodh sin a’ toirt misneachd mhòr gu craoladh tro mheadhan na Gàidhlig.

 

Mar sin bhiodh barrachd taighean ann far am biodh daoine ag èisdeachd ris, ag ionnsachadh, agus a’ fàs eòlach air a’ Ghàidhlig. Agus bhiodh beagan fois aig Urras a’ BhBC cuideachd.

 

Neònach, nach eil, gur ann le Westminster fhathast a tha an smachd air craoladh na Gàidhlig, ach sin mar a tha cùisean fhathast.

 

Bidh 220,000 (dà cheud, is fichead mìle) neach a’ coimhead air BBC Alba gach seachdain mar-thà – cia mheud eile a bhiodh a coimhead air, nam bhiodh e ri fhaotainn air Freeview.

 

Ma bhios an Urras a’ gearradh sianalan rèidio a-mach à Freeview, airson beàrn a dhèanamh airson BBC Alba, tha mi ’n dòchas gum bi e a’ mìneachadh carson, agus nach leig leis an Urras sabaid gun phuing a bhith a’ fàs anns an Daily Mail mun ghnothaich. Tha e cudromach a mhìneachadh gum biodh na sianalan eile sin ri fhaotainn fhathast air-loidhne, agus air an rèidio fhèin. Chan fhaodadh mòran – air a’ Ghàidhealtachd co-dhiù - prògraman telebhisean a choimhead gu furasta air-loidhne fhathast.

 

Tha BBC Alba a’ dèanamh a h-uile rud a bha an Urras ag iarraidh.

Tha ceum eile ann ri gabhail a dhearbhadh ann an saoghal craolaidh gur e cànan àbhaisteach a th’anns a’ Ghàidhlig, sin Freeview, agus tha mi a’ cantainn gu Urras a BhBC, siuthadaibh ma-thà.

 
< Prev   An Ath Dhuilleag >